« Home | Taibhsean chòmhradh a-nis glacte » | Bagaichean falamh ach làn naidheachd » 

 

Fèill mheadhan a’ Chargais

Bidh na pàistean a’ cruinneachadh a h-uile sgillinn faisg air làimh agus gu dearbh bidh iad a’ cunntadh an airgid fad ‘s a bha iad a’ cur planaichean air dòigh. Chan eil am Màrt fada a-mach a-nis. Thig na làraidhean feasgar la na Sabaid nuair a bhios na h-eaglaisean deiseil agus cuiridh an luchd-obrach a h-uile inneal re chèile aig astar a chuireas iongantach ort. Bidh na clann òga agus a h-uile mac màthar a bhios fhathast òg nan cridheachan a’ toirt sùil mhìneachadh air a’ ghnothaich agus a’ beachdachadh nan anasan ùra. Bidh iad a’ dhèanamh comais eadar na bliadhnaichean agus bidh cuimhne fhada air feadhainn dhaibh. Ann an ùine nach bidh fada bidh faireachdainn eile a’ crochadh san adhar. Bidh a h-uile càil an sàs cruth-atharrachadh. Bho fheasgair Diluain a-mach gus a’ mheadhan oidhche an ath Disathairne bidh am baile air boil. Bidh abhainn datha a dòrtadh tro na prìomh sràidean den bhaile agus bidh an sluagh a’ gluasad thall ‘s a bhos nam bogadh san tachartasan agus na solais. Nuair a bhios e seachad bidh cuimhneachan ùra nan muillean am broinn muinntir an àite.
Chuir e iongantas air mòran dhaoine an uiridh nuair a nochd litir sa phàipear a’ cur sìos gu dubh air an fhèill.. ‘S e duine a bha ùr tighinn dhan bhaile a bh’ ann agus bha e a-mach air cho borb agus fuaimneach ‘s bha a h-uile sian. Smaoinich e gun robh cus deoch air cuid agus cha robh ach ceòl eagallach ri fhaighinn. Bha e làidir den bheachd nach bu chòir dha a bhith a leithid sin ann am baile cho brèagha.
Cha robh e ga thuigsinn idir,. Chan urrainn do duine sam bith a ràdh le cinnt cuin a thoisich an Fhèill. Tha cuid a’ cumail a-mach gur ris an linn pàganach a tha e a’ buntainn. Bha e daonnan làn fuaim agus anasan ùra a bhiodh caran neònach nach robh thu cleachdte ris a leithid gach bliadhna.
Carson nach bu chòir dhut splaoid a’ ghabhail nuair a nochdas an t-earrach air fàire?

Mu mo dheidhinn

  • 'S mise Uaineach
  • o Thìr nam Blòg
Cò th'ann?

Ceanglaichean

Dèanta le Blogger
agus Blogger Templates