« Home 

 

Bagaichean falamh ach làn naidheachd

Chunnaic mi biorra-crùidein a’ dol a-mach a shealladh . Cha robh e airson a’ dèanamh màirneal. Cha d’ fhuair mi ach plubraich bheag de na dathan àlainn aige ach bha mi riaraichte leis. Cha robh a leithid de cabhag air na tunnagan (creutairean gu dearbh nan Heinz 57). Cha robh iadsan an-fhoiseil m’ fhaicinn ged nach robh iad faisg air a’ bhruaich. Air taobh thall na h-innis bha trèanaichean a’ giùlain dathan ùra agus an cois feallsanachd ùr. Feallsanachd a bha air a bhreith don t-saoghal leis an abairt, ‘Chan eil dad ris an canar Sòisealtas.’
Chum mi orm agus dh’ èirich clamhan-ruadh bhon cabar-fòn gus a chuid sgilean a thaisbeanadh. Air a’ chnoc air fàire bha eaglais agus eadar an eaglais agus coilltean bha an A43 làn le trafaig. ‘S e rathaid a leanas gu Northampton agus Oxford agus bha an àird ud a’ fosgladh slighe nam inntinn. Ghluais dorsan nam smaointinn a bha air fàs caran rag.
Bha a h-uile càil mar bu chòir leis na ruitheaman nàdair agus malairt: bha gealagan-lair ri reic sa mhargaidh Dihaoine. Bha boireannaich a’ coiseach sìos dhan mheadhan a’ bhaile le bagaichean falamh ach bha iadsan trom le naidheachdan. Chaidh iad seachad sanas siud’ ‘s a seo a’ toirt rabhadh orra: ‘Sabhail an t-ospadal againn’. Taobh a-staigh an leabharlann bha guthan Frangach agus Polach a’ measgachadh le dual-chainnt muinntir an àite.
Bha coltais ciar air ach bha e blàth. ‘S e deagh latha a bh’ ann a bhith ruith thairis air na bliadhnaichean.


Mu mo dheidhinn

  • 'S mise Uaineach
  • o Thìr nam Blòg
Cò th'ann?

Previous posts

Ceanglaichean

Dèanta le Blogger
agus Blogger Templates