Fèill mheadhan a’ Chargais

Bidh na pàistean a’ cruinneachadh a h-uile sgillinn faisg air làimh agus gu dearbh bidh iad a’ cunntadh an airgid fad ‘s a bha iad a’ cur planaichean air dòigh. Chan eil am Màrt fada a-mach a-nis. Thig na làraidhean feasgar la na Sabaid nuair a bhios na h-eaglaisean deiseil agus cuiridh an luchd-obrach a h-uile inneal re chèile aig astar a chuireas iongantach ort. Bidh na clann òga agus a h-uile mac màthar a bhios fhathast òg nan cridheachan a’ toirt sùil mhìneachadh air a’ ghnothaich agus a’ beachdachadh nan anasan ùra. Bidh iad a’ dhèanamh comais eadar na bliadhnaichean agus bidh cuimhne fhada air feadhainn dhaibh. Ann an ùine nach bidh fada bidh faireachdainn eile a’ crochadh san adhar. Bidh a h-uile càil an sàs cruth-atharrachadh. Bho fheasgair Diluain a-mach gus a’ mheadhan oidhche an ath Disathairne bidh am baile air boil. Bidh abhainn datha a dòrtadh tro na prìomh sràidean den bhaile agus bidh an sluagh a’ gluasad thall ‘s a bhos nam bogadh san tachartasan agus na solais. Nuair a bhios e seachad bidh cuimhneachan ùra nan muillean am broinn muinntir an àite.
Chuir e iongantas air mòran dhaoine an uiridh nuair a nochd litir sa phàipear a’ cur sìos gu dubh air an fhèill.. ‘S e duine a bha ùr tighinn dhan bhaile a bh’ ann agus bha e a-mach air cho borb agus fuaimneach ‘s bha a h-uile sian. Smaoinich e gun robh cus deoch air cuid agus cha robh ach ceòl eagallach ri fhaighinn. Bha e làidir den bheachd nach bu chòir dha a bhith a leithid sin ann am baile cho brèagha.
Cha robh e ga thuigsinn idir,. Chan urrainn do duine sam bith a ràdh le cinnt cuin a thoisich an Fhèill. Tha cuid a’ cumail a-mach gur ris an linn pàganach a tha e a’ buntainn. Bha e daonnan làn fuaim agus anasan ùra a bhiodh caran neònach nach robh thu cleachdte ris a leithid gach bliadhna.
Carson nach bu chòir dhut splaoid a’ ghabhail nuair a nochdas an t-earrach air fàire?

 

Taibhsean chòmhradh a-nis glacte

B’ àbhaist muinntir nam bailtean beaga a bhith a’ ceannaich pàipearan-naidheachd agus suiteas agus tombaca anns a’ bhùth seo mus deach iad dhachaidh. Abair àite ionmhais a bh’ ann dhuinn gu h-àraidh nan robh sinn a’ dhèanamh deiseil a dhol gu Skegness air latha brèagha air choireigin mus do chuir sinn a leithid dragh air an t-sreath ozone. Bha busaichean dearg no busaichean gorm ri fhaighinn. Tha na busaichean gorm fhathast a ruith, ciamar a tha iad a’ cumail orra leis na sealgairean a tha os cionn a’ ghnìomhachas ud sna làithean seo chan eil càil fhios agam. Tha coltas sòbair air na busaichean ud agus tha iad a’ toirt cuideachaidh dhan bhaile airson a bhith pàirt dhen t-saoghal ach a bhith gad sheachnadh aig an aon àm. ‘S e cleas anabarrach fhèin math a th’ ann ach gu ruige seo ‘s e fhathast coimhearsnachd a th’ann. Agus sin ged’ s a tha àirneis far an robh cuideigin a’ dèanamh beòshlàint. Taibhsean chòmhradh a-nis glacte air cùl dorais a bha daonnan fosgailte. Tha aig eachdraidh a bhith a’ caogadh a-mach o thaobh thall cùirteanan-lìon.

 

Bagaichean falamh ach làn naidheachd

Chunnaic mi biorra-crùidein a’ dol a-mach a shealladh . Cha robh e airson a’ dèanamh màirneal. Cha d’ fhuair mi ach plubraich bheag de na dathan àlainn aige ach bha mi riaraichte leis. Cha robh a leithid de cabhag air na tunnagan (creutairean gu dearbh nan Heinz 57). Cha robh iadsan an-fhoiseil m’ fhaicinn ged nach robh iad faisg air a’ bhruaich. Air taobh thall na h-innis bha trèanaichean a’ giùlain dathan ùra agus an cois feallsanachd ùr. Feallsanachd a bha air a bhreith don t-saoghal leis an abairt, ‘Chan eil dad ris an canar Sòisealtas.’
Chum mi orm agus dh’ èirich clamhan-ruadh bhon cabar-fòn gus a chuid sgilean a thaisbeanadh. Air a’ chnoc air fàire bha eaglais agus eadar an eaglais agus coilltean bha an A43 làn le trafaig. ‘S e rathaid a leanas gu Northampton agus Oxford agus bha an àird ud a’ fosgladh slighe nam inntinn. Ghluais dorsan nam smaointinn a bha air fàs caran rag.
Bha a h-uile càil mar bu chòir leis na ruitheaman nàdair agus malairt: bha gealagan-lair ri reic sa mhargaidh Dihaoine. Bha boireannaich a’ coiseach sìos dhan mheadhan a’ bhaile le bagaichean falamh ach bha iadsan trom le naidheachdan. Chaidh iad seachad sanas siud’ ‘s a seo a’ toirt rabhadh orra: ‘Sabhail an t-ospadal againn’. Taobh a-staigh an leabharlann bha guthan Frangach agus Polach a’ measgachadh le dual-chainnt muinntir an àite.
Bha coltais ciar air ach bha e blàth. ‘S e deagh latha a bh’ ann a bhith ruith thairis air na bliadhnaichean.


Mu mo dheidhinn

  • 'S mise Uaineach
  • o Thìr nam Blòg
Cò th'ann?

Ceanglaichean

Dèanta le Blogger
agus Blogger Templates